Foghlam Gàidhlig MEd
Course code Q539
Dè tha sònraichte mun chùrsa seo?
Tha am prògram gu lèir air a lìbhrigeadh tro mheadhan na Gàidhlig, a leigeas le com-pàirtichean an cuid sgilean litearrachd sa Ghàidhlig a leasachadh fhad is a tha iad a’ toirt an cuid eòlas proifeiseanta, tuigse is sgilean air foghlam Gàidhlig am feabhas.
’S ann air na leanas a bhios am prògram stèidhichte:
- Modhan-teagaisg bogaidh is sàr-chleachdadh ann am foghlam bogaidh eadar-nàiseanta
- Rannsachadh, poileasaidh is cleachdadh ann am foghlam tro mheadhan na Gàidhlig
- Neartachadh comasan Gàidhlig nan sgoilearan
- Neartachadh misneachd is comasan nan com-pàirtichean sa Ghàidhlig agus an cuid tuigse air is cleachdadh de ghràmar na Gàidhlig
- Neartachadh tuigse air cultar is fèin-aithne na Gàidhlig an lùib a’ chlàir-oide
- Cumail taic ri measgachadh de luchd-ionnsachaidh ann am foghlam Gàidhlig
- Air cheann ionnsachaidh ann am foghlam Gàidhlig
- Rannsachadh an neach-cleachdaidh a chuireas is a leasaicheas cleachdadh
Tha am prògram MEd stèidhichte air modalan ceumnach a leigeas le com-pàirtichean togail gu leantainneach air an eòlas stèidhichte aca. Tha an ceum a’ tighinn gu crìch le sgrùdadh deireannach an neach-cleachdaidh a th’ air a dhealbhadh airson leigeil le com-pàirtichean an cuid eòlais, sgilean is tuigse phroifeiseanta, a tha iad air leasachadh tron phrògram, a chur gu feum airson taic a chumail ri leasachadh san t-suidheachadh obrach aca fhèin.
Feartan sònraichte
- Structar leantainneach stèidhichte air modalan ceumnach a leigeas le com-pàirtichean togail gu leantainneach air an eòlas stèidhichte aca
- Air a lìbhrigeadh le luchd-labhairt a tha fileanta ’s a’ Ghàidhlig agus aig a bheil eòlas farsaing air foghlam
- Cothrom rannsachadh an neachd-cleachdaidh a dhèanamh nur n-àite-obrach
- Tha ionnsachadh cnuasachaidh aig cridhe a’ chùrsa seo, a leigeas leibh na dh’ionnsaicheas sibh a chleachdadh nur practas proifeiseanta
Feumalachdan inntrigidh
- Feumaidh Gàidhlig a bhith agaibh agus feumaidh sibh a bhith clàraichte leis an GTCS
Inntrigeadh adhartach:
- Dh’fhaodadh soirbheas ann an Tèisteanas Iar-Cheuma ann am Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig (Streap), a chaidh a lìbhrigeadh ann am com-pàirteachas eadar Sabhal Mòr Ostaig agus Oilthigh Obar Dheathain, cothrom dhuibh a dhol a-steach don dàrna bliadhna.
- Thèid agallamh a dhèanamh leibh aig inntrigeadh agus feumaidh 60 creideasan slàn a bhith agaibh bhon phrògram seo às na còig bliadhna mu dheireadh
PgCert
Seo na prìomh mhodalan:
- Foghlam bogaidh agus a’ togail cànain ann an suidheachadh mion-chànanach
- Dòighean-teagaisg èifeachdach airson bogadh ann an àrainneachd bheartach Ghàidhlig
Thèid agaibh air fear de na modalan roghainneil seo a dhèanamh:
- Gàidhlig airson luchd-teagaisg 1
- Gàidhlig airson luchd-teagaisg 2
PgDip
Seo na prìomh mhodalan:
- Cultar, fèin-aithne agus ideòlas cànain ann am foghlam Gàidhlig
- A’ cumail taic ri gach neach-ionnsachaidh
Thèid agaibh air fear de na modalan roghainneil seo a dhèanamh:
- A’ stiùireadh ionnsachadh ann am foghlam Gàidhlig
- Gàidhlig airson luchd-teagaisg 2
MEd
Seo na prìomh mhodalan:
- Tagradh rannsachaidh an neach-cleachdaidh
- Rannsachadh an neach-cleachdaidh ann am foghlam Gàidhlig
Ciamar a dh’ionnsaicheas mi?
- Pàirt-ùine (le structar)
- ’S ann air-loidhne a tha cuid mhòr den phrògram air a lìbhrigeadh agus chaidh a dhealbhadh gus an tèid a dhèanamh cuide ri dleastanasan proifeiseanta eile.
- Thèid latha aghaidh-ri-aghaidh a chur seachad aig Sabhal Mòr Ostaig aig toiseach na bliadhna acadaimigich far an urrainn do chom-pàirtichean is oidean a’ phrògraim coinneachadh ri chèile. Bidh com-pàirtichean an sàs ann an gnìomhan air-loidhne gach cola-deug cho math ri clasaichean air-loidhne gus am bi conaltradh cunbhalach ann agus co-obrachadh eadar com-pàirtichean is oidean
Dè cho fad ’s a mhaireas an cùrsa agam?
- Pàirt-ùine (le structar): 3 bliadhna
Seallaidh an àireamh de dh’uairean gach seachdain an ùine a bu choir dhuibh a chur seachad air obair a’ chùrsa, a’ gabhail a-steach
òraidean agus an ùine agaibh fhèin a chosgas sibh air ionnsachadh pearsanta agus rannsachadh.
Càite an urrainn dhomh mo chùrsa a dhèanamh?
- Sabhal Mòr Ostaig
Ceann-latha tòiseachaidh
- An t-Sultain
Cìsean
Airson an t-Sultain 2022, tha an MEd Foghlam Gàidhlig air a mhaoineachadh le Riaghaltas na h-Alba, mar sin cha bhi cìsean oideachaidh ri pàigheadh le oileanaich. Tha ion-roghnachd a’ chùrsa seo stèidhichte air clàradh le Comhairle Choitcheann Teagaisg na h-Alba (GTCS).
Maoineachadh
Tha an cùrsa seo air a làn-mhaoineachadh le Riaghaltas na h-Alba.
Cosgaisean a bharrachd
Thèid agaibh ri latha aghaidh-ri-aghaidh a fhrithealadh aig Sabhal Mòr Ostaig san t-Sultain aig toiseach gach bliadhna acadaimigich. Bidh agaibh fhèin ri cosgaisean siubhail a phàigheadh.
Dè as urrainn dhomh dèanamh nuair a choilionas mi an cùrsa agam?
Cuiridh am program seo gu mòr ris an ionnsachadh phroifeiseanta agaibh mar thidsear.
An urrainn dhomh adhartas a dhèanamh do ionnsachadh a bharrachd?
Faodaidh sibh leantainn oirbh bhon a’ phrògram seo chun a’ chùrsa a leanas:
- PhD ann am Foghlam
Is there more information available online?
You can use the above QR code to connect directly to the course details.